Home About Who we are Cò sinn agus na bhios sinn a’ dèanamh Is e buidheann Riaghaltas na h-Alba a th’ annainn a tha an urra ri poileasaidh, taic agus riaghailtean coilltearachd. Is e buidheann adhartach a th’ unnainn, dealasach mun ròl cudromach a bhios aig craobhan ann an:a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde agus call nàdaira’ toirt taic don eaconamaidha’ toirt taic do shunnd mhuinntir na h-Alba A bheil feum agaibh air dreach Gàidhlig de dhuilleag-lìn no foillseachadh? Leigibh fios dhuinn ma tha feum agaibh air dreach Gàidhlig de gin de na duilleagan-lìn no prìomh fhoillseachaidhean againn. Iarraibh dreach Gàidhlig de dhuilleag-lìn no foillseachadh Na bhios sinn a’ dèanamh a’ leasachadh agus a’ stiùireadh lìbhrigeadh Ro-innleachd Coilltearachd na h-Alba às leth Mhinistearan na h-Albaa’ riaghladh rian agus dìon choilltean tro raon de smachdan riaghlaidh is poileasaidhag obair mar phrìomh chomhairlichean poileasaidh an Riaghaltais air coilltearachd do Mhinistearan na h-Albaa’ solarachadh rannsachadh agus fianais air cùisean sòisealta, àrainneachdail agus eaconamach riaghladh coille seasmhach/feartan de choilltearachda’ stiùireadh an dleastanais reachdail gus riaghladh coille seasmhach air coilltean a th’ ann mar-thà agus coilltean ùra adhartachadha’ rianachd tabhartasan airson:cruthachadh choilltean ùrariaghladh seasmhach air coilltean a th’ ann mar-thàtaic do mhanaidsearan fearainn agus còmhdhail fiodhataic a thoirt do Phrìomh Choilleir na h-Albagnìomhan coilltearachd thar-chrìochan a lìbhrigeadh a’ gabhail a-steach Còd Carbon Coille, comhairle eaconamach agus Inbhean Coilltearachd na RAstiùireadh a thoirt air shlàinte chraobhan às leth Mhinistearan na h-Alba agus taic a thoirt do Phrìomh Oifigear Slàinte Lusan na h-Albataic a thoirt do sheasmhachd ionmhais roinn na coille tro thaic tabhartais cuimsichte agus ionmhas measgaichte a bheir a-steach sruthan teachd-a-steach ùra a’ gabhail a-steach margaidh charbon na coille Ar Ro-innleachd agus Plana Corporra Faighibh a-mach mu ar n-amasan ro-innleachdail, ar lèirsinn, ar misean agus ar n-adhbhar agus prìomh chomharran coileanaidh. Faighibh a-mach mu ar Ro-innleachd agus Plana Corporra