Summary
Tha am plana ùr seo a’ toirt cothrom dhuinn sùil a thoirt air na tha sinn air coileanadh bho chaidh sinn nar Buidheann Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus gus na gealltanasan againn dhan Ghàidhlig airson nan còig bliadhna ri teachd a dhearbhadh.
Tha am plana seo ag amas air goireasan conaltraidh a chruthachadh thar nam prìomh raointean air a bheilear ag amas ann an Achd na Gàidhlig a’ gabhail a-steach:
- a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig ri fhaicinn agus gu bheil luach oirre
- gum bi cothrom aig luchd-obrach air trèanadh mothachadh Gàidhlig agus trèanadh ionnsachadh cànain fad beatha a’ phlana
- a’ leasachadh ar tairgse Ghàidhlig am measg na gnìomhachasan, na coimhearsnachdan agus na daoine fa leth leis a bheil sinn ag obair